Taught course

Àrd-sgoil (tro mheadhan na Gàidhlig) PGDE

Institution
University of the Highlands and Islands · Arts, Humanities and Business
Qualifications
PGDE

Entry requirements

Feuch gun leugh sibh ar FAQs airson barrachd fiosrachaidh mun phrògram agus mu thagraichean ri linn COVID-19.

Bu chòir ceum freagarrach aig ìre fo-cheum a bhith aig tagraidhean; thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean aig a bheil ceum le urram ach thèid sùil a thoirt air tagraidhean aig a bheil ceum coitcheann cuideachd AGUS:

Beurla:

  • Àrd-ìre (C no nas àirde), NO
  • Ìre A (D no nas àirde), NO
  • GCSE Cànan na Beurla (C/4 no nas àirde) agus Litreachas na Beurla (C/4 no nas àirde) no a leithid

Matamataig no Aplaiceadan Matamataig:

  • Ìre Nàiseanta 5 (C no nas àirde), NO
  • SQA Eadar-mheadhan 2 (C no nas àirde) no An Ìre Choitcheann (Sàr Ìre) NO
  • GCSE Matamataig (C/4 no nas àirde) no a leithid

Cudromach:

  • Tha stiùireadh sònraichte aig Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba (GTCS) a rèir cuspair airson teagasg àrd-sgoile. Gheibhear iad seo air làrach 'GTCS Memorandum on Entry Requirements to Programmes of Initial Teacher Education in Scotland, 2019'. Tha barrachd fios mun seo ri fhaighinn air a’ cheangal ri ceistean cumanta gu h-àrd.
  • Feumaidh tu a bhith fileanta ann an Gàidhlig agus feumaidh comas a bhith agad Gàidhlig a leughadh agus a sgrìobhadh.
  • Feumaidh tagraichean soirbheachail a bhith deònach a dhol tro phròiseas PVG Disclosure agus a bhith nam ball de Sgeama PVG airson an cùrsa seo a dhèanamh
  • Chan eil a chùrsa seo a gabhail ri tagraichean airson an ath bhliadhna; mar nach eil thu airson gabhail ris a chùrsa am bliadhna, bithidh agad ri ath-thagradh an ath bhliadhna. Brùthaibh air a cheangail airson fiosrachadh eile mu dàil-inntrigidh

Feumaidh tagraidhean a tha air a bhith a’ fuireach taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte airson sia mìosan no na b’ fhaide anns na coig bliadhna a dh’fhalbh a dhol fo rannsachadh eucoir anns gach dùthaich san robhar a’ fuireach mus faighear àite air a’ phrògram.

Feumaidh sibh tagradh airson PGDE Àrd-sgoil (Foghlam Gàidhlig) a dhèanamh tro sgeama UCAS san aon dòigh ri prògraman fo-cheum, gun a dhol tro UCAS Trèanadh Thidsearan. Tha seo fìor don a h-uile oilthigh ann an Alba a bhios a’ tabhann PGDE. Feumaidh sibh fios a thoirt seachad mun cheum agus mu na teisteanasan agaibh ann am Matamataig agus Beurla anns an tagradh - cha tèid gabhail ris an tagradh as aonais an fhiosrachaidh seo. Feumaidh teisteanasan a bhith a-staigh air an aon latha ri cinn-latha thagraidhean. ’S e dleastanas an tagraiche a th’ ann dèanamh cinnteach gu bheil fios aig luchd-teisteanais air seo agus gu bheil an tagradh slàn air a chur a-steach ron cheann-là a thèid a chur romhaibh.

Months of entry

August

Course content

Bidh an cùrsa seo gur deasachadh airson dreuchd mar neach-teagaisg àrd-sgoile le sgilean agus eòlas a bheir buaidh air beatha dhaoine òga a bhios sibh a’ teagasg.

Tha an cùrsa air a thabhann an co-bhonn ri Comhairle Earra-ghàidheil is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Pheairt agus Chinn Rois a tha ag obair leis an oilthigh aig na làraich ionadail. Air cùrsa PGDE (àrd-sgoile), cuiridh oileanaich seachad 18 seachdainean san oilthigh agus 19 seachdainean ann an suidheachadh proifeasanta ann an sgoiltean. Feumaidh sibh a bhith fileanta ann an Gàidhlig mus tòisich sibh air a’ phrògram seo agus thèid na sgilean cànain agaibh a mheasadh aig agallamh. Air a’ phrògram seo cuiridh sibh seachad na greisean-sgoile agaibh ann an sgoiltean a tha a’ tabhann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FTMG) far an gabh seo aontachadh le na h-Ùghdarrasan Ionadail.

Tha na cuspairean gu h-ìosal air an tabhann sna colaistean a leanas: Earra-ghàidheil OGE (An t-Òban), Inbhir Nis OGE, A Tuath, An Iar is Innse Gall OGE (Steòrnabhagh, An Gearasdan), Pheairt OGE, agus Sabhal Mòr Ostaig OGE (An t-Eilean Sgìtheanach).

  • Beurla
  • Bìth-eòlas le Saidheans
  • Ceimigeachd le Saidheans
  • Ceòl*
  • Coimpiutaireachd
  • Eachdraidh*
  • Ealain agus Dealbhadh*
  • Fiosaig le Saidheans
  • Foghlam Creideimh*
  • Foghlam Gnìomhachais
  • Eaconamas-dachaigh
  • Gàidhlig
  • Matamataig
  • Teicneòlas

Dh’fhaodar cuspairean àrd-sgoile eile a thabhann nam biodh iarrtas ann.

Bidh am prògram uaireannan air a thabhann aig Ceann Loch Gilp (tro Earra-ghàidheil OGE) agus ann am Barraigh agus Beinn nam Fadhla (tro A Tuath, An Iar is Innse Gall OGE (Steòrnabhagh)). Thèid co-dhùnadh a dhèanamh air seo gach bliadhna a rèir àireamh thagraidhean anns na sgìrean seo.

*Chan eil e ri fhaighinn ann an Pheairt

Feartan sònraichte

  • Cothrom a bhith an sàs ann am prògram foghlam àrd-sgoile ann an co-bhonn ri sgoiltean a bhios a’ tabhann Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
  • Bidh na h-Ùghdarrasan Ionadail (a tha mar phàirt den phrògram) a’ tabhann bliadhna inntrigidh ann an sgoil san sgìre don mhòr-chuid de dh’oileanaich a tha soirbheachail air a’ chùrsa.

Fees and funding

For information, please view our Fees/Funding tab: PGDE Àrd-sgoil (tro mheadhan na Gàidhlig) (uhi.ac.uk)

Qualification, course duration and attendance options

  • PGDE
    full time
    12 months
    • Distance learningis available for this qualification

Course contact details

Name
Enquiries
Email
courses@uhi.ac.uk
Phone
01463 279190